Billeder på siden
PDF
ePub

A nis o'n altair cha'n 'eil smùid,
No sagartan, le 'm bòltrach tùis,
Ag aslachadh a thruais.

'N uair rinn na Cinnich sgeig a's tàir,
Cha b' ìoghnadh iad-san 'bhi fo phràmh,
'S an clàrsaichean gun ghleus;
An teangaibh dhiùlt a dhol air seirm
Gu òrain naomha Dhé a sheinn,
'S a thogail fonn le'n teud.

Mar so is tric 'tha 'n t-ànrach truagh,
Bho dhachaidh 'dige fad air chuairt,
A' cuimhneachadh le bròn,

Air làithean àigh a dh'fhalbh 's nach pill,
A chaith gu h-aoibhneach anns na gliñn,
Le cairdean nach 'eil beò.

A' Chill's am bheil a dhàimh' 'n an suain, 'S an aitreabh mu'n do thruis an sluagh, Tha saltairte gu làr:

B'e mhiann bhi fathast, mar bu ghnath,
'Cur ùrnuigh suas tre Chriosd gach tràth,
Mar 'rinn o chian le càch.

Mar so san t-saoghal chi sinn féin,
Gach sàrachadh, a's bròn, a's péin
"Tha feitheamh air gach aon;
Ach oighreachan a' gheallaidh tha
A' guidhe air son gràis gach là,

A bheir dhoibh fuasgladh saor.
Cha'n 'eil an so dhuinn dachaidh bhuan,
'S a dorsa 'fosgladh fial a suas
G'ar fàilteachadh le bàigh;

Mar choigrich a's luchd-cuairt a bhos,
Gun àit' air bith gu tàmh no clos,
Ach dachaidh gheibh gu h-àrd.

Is coigreach mis' tha lag a's sgìth,
'S do gheataibh àillidh c'uin a chi,
Ierusalem 'tha shuas?

Cia aoibhneach leamsa teachd an là
'S am faigh mi fuasgladh o gach càs
Gu bràth 'an sonas buan!

THE GOSPEL.

From Greenland's icy mountains, From India's coral strand, Where Afric's sunny fountains Roll down their golden sand;From many an ancient river, From many a palmy plain, They call us to deliver,

Their land from error's chain.

What though the spicy breezes.
Blow soft o'er Ceylon's isle;
Though every prospect pleases,
And only man is vile?
In vain with lavish kindness
The gifts of God are strewn;
The heathen in his blindness

Bows down to wood and stone.

Can we, whose souls are lighted
With wisdom from on high,
Can we, to men benighted
The lamp of life deny?
Salvation! O Salvation!

The joyful sound proclaim,

Till each remotest nation

Has learned Messiah's name.

Waft, waft, ye winds His story,
And you, ye waters, roll,
Till like a sea of glory,

It spreads from pole to pole!
Till o'er our ransom'd nature,
The Lamb for sinners slain,
Redeemer, King, Creator,
In bliss returns to reign.

AN SOISGEUL.

Bho bheanntan reòta Ghreenland,
Bho Innsean teith nan slògh,
Bho Africa nam fuaran

'Bheir uath' a' ghainneamh òir;
Bho iomadh amhainn aosmhor,
'S bho iomadh réidhlein uain',
Tha ruinne, air son saorsa,
An glaodh tighinn thar a' chuan.

Air Ceylon ged a shéideas
A' ghaoth gu cùbhraidh, tlàth;
Ged tha gach sealladh ceutach,
A's duine 'mhàin 'na ghràin;
Mòr mhaitheas Dhé tha'n dìomhain
Air ìocadh air gach taobh;
Tha truaghain dhall na tìr' sin
A' strìochd' do iodhail fhaoin.

'N dean sinne, 'th'air ar stiùradh
Le gliocas iùil o'n àird,
An lòchran nèamhaidh 'dhiùltadh
Do'n dream tha 'n duibhr' an sàs?
Dean slàint' do pheacaich éigheach-
Dean sgeul nam buadh a sheirm,
Gus am bi gach creutair

Air géill a thoirt do'n ghairm.

Dean ruith, a sgéil na saorsa,

Air carbad gaoithe 's cuain, Gus, anns gach cearn do'n t-saoghal, An cluinn gach aon an fhuaim!

A's duine air a shaoradh,

Le ìobairt ghaoil an Uain,

Ag éigheach o gach taobh ris,

E 'theachd g'a rioghachd gu luath.

THE WITHERED LEAVES*

See the leaves around is falling,
Dry and wither'd to the ground;
Thus to thoughtless mortals calling,
In a sad and solemn sound:-
"Sons of Adam once in Eden,
Blighted whence, like us ye fell:
Hear the lecture we are reading;
"Tis, alas! the truth we tell.

"Virgins, much, too much presuming
On your boasted white and red;
View us, late in beauty blooming,
Number'd now among the dead.

* The following verses, on the same subject, were translated from the French, by the late Mr. Ewing Maclean, Post-Office, Glasgow; and we are sure that every Highlander of taste, will thank us for inserting them here:

:

'N trà sgap am foghar mu'n cuairt
Duilleach ruadh nan craobh air làr,
'N uair dh'fhàilnich dubhar na coill,
'S nach cluinnte ceòl binn 'n a bàrr.

Dh'fhalbh easlainteach dubhach, tròm
Moch, 's e mall-cheumach fo bhròn,
A dh'fhaicinn, mu'n tigeadh am bàs,
Doire 'ghràidh an làithibh òig'.

"Soraidh leat, a' choill mo ghaoil,

'S leur dhomh crannchur m' aois' ad phràmh,

'S gach duilleag 'tha seargte air ghéig

Tha 'cur an céill 's dlùth dhomh 'm bàs.

"An Tairgeannach bho Epidaùr,

Thuirt e rium, 'Mu'n téid thu aog,

Chi thu uair eile le d' shùil

Crionte, duileach ùr nan craobh.

"Mu d' thiomchioll tha 'n t-iubhar a' fàs,
Na's bàine na faoghar nan sguab,

'S tu 'gaomadh a sìos gu tràth,

Gu dachaidh shâmhaich na h-uaigh'.

AN DUILLEACH SEARGTA.

Faic an duilleach ruadh mu'n cuairt duinn,
Seachdte, seargte air an làr;
A's ri daoin' eucéillidh, guanach
Tha, le truas, mar so ag ràdh :—
"A shiol Adhaimh a bh' ann an Eden,
Shearg a's thuit sibh mar sinn féin :
Eisdibh na chuireas sinn an céill duibh;
Gun ag 'se'n fhìrinn th'ann gu léir.
"Oighean ait is àille snuadh

Na deanaibh uaill á geal a's dearg; B' àluinn sinn' measg dhuilleach uaine'Nochd gu truagh am measg nam marbh.

"Meathaidh t'òig' agus do sgiamh
Mu'n searg am fiar air an lòn,—
Mu'n seac, 'am fasgadh nan cnoc,
Bagailtean dosrach nan cnò,'

"Tha 'n uair a' teachd, 's fuar a' ghaoth
'Tha 'bualadh neo-chaoin 'am chiabh ;

Faileus m' òige, 's tròm a' ghuth

66

'G ùrachadh cumha 'na m' chliabh.

Tuitibh, a dhuilleagan maoth,

Follaichibh an ròd tiamhaidh, balbh,

'S ceilibh air mo mhàthair ghràidh
Far am bi mi màireach marbh.

"Ach ma thig leannan mo chrìdh',
Gu deurach, tùrsach fo ghruaim ;
'S an dubh-thrà dh'fhaicinn an fhòid,
M' fhaileas le sòlas gu'n gluais."

Thuirt e,-thriall e, 's cha do thill,-
Theirig ùine 'n tìr nam beò,

Fo sgàil an daraich tha 'shuain,

'S an tigh chaol, gun fhuaim, gun cheòl.

Cha'n fhac a leannan an leac,

Cha robh i feasgar ga còir;

'S cha dùisg guth e gu là Luan,
'N a aitreabh uaigneach 's an tòrr.

« ForrigeFortsæt »